Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Mairi MacInnes > Causeway > Soraidh Le Eilean a'Cheò
|
Soraidh Le Eilean a'Cheò |
| Credits : | Mary MacPherson; arranged by Phil Cunningham |
| Appears On : | Causeway |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Other Versions : | " Soraidh Leis An Ait " on Ishbel MacAskill's album Essentially Ishbel |
| Lyrics : | English Translation : |
| Soraidh leis an àit' | Farewell to the place |
| An d' fhuair mi m' àrach òg | Where I was reared when young |
| Eilean nam beann àrda | Island of the high bens |
| Far an tàmh an ceò | Capped where the mist rests |
| Air a moch a dh' èireas | On which rises early |
| Grian nan speur fo ròs | The rose-tinted sun in the sky |
| A' fuadach neul na h-oidhche | Dispelling the nightly bank |
| Soillseachadh an Stòrr | And lighting the Old Man of Storr |
| Flòdagaraidh sgiamhach | ___ |
| Càit' eil d'fhiach de ghrunnd? | ___ |
| 'S ainmeil an crodh-dàra | ___ |
| A dh'àraicheadh air d'fhonn | ___ |
| Is nuair a thig an oiteag | ___ |
| Bho Lochlann oirnn a-nall | ___ |
| Sèideadh air Sròin Bhaornaill | ___ |
| 'S cùbhraidh gaoth do bheann | ___ |
| Seallaidhean bu bhrèagha | Sights more beautiful |
| Riamh chan fhaca sùil | The eye could never see |
| Spréidh amach 'gam feurach | Cattle out grazing |
| Madainn ghrianach chiùin | On a peaceful, sunny morning |
| 'N uiseag air a sgiath | The lark high on the wing |
| Seinn gum fhiamh a' chiùil | Singing her song with confidence |
| 'S an ceò mu cheann Beinn Tianabhaig | And the mist swirling around Ben Tianabhaig |
| Is an sliabh fo dhrùchd | With the mountain covered in dew |